Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh.

Agus thubhairt Abimelech, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Dh’fhaodadh aon den t‑sluagh laighe led mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirnne.

Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.

Agus nì mi do thaigh-sa mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait, agus mar thaigh Bhaasa mhic Ahiah, airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich thu mi gu feirg, agus leis an tug thu air Israel peacachadh.

Agus ghabh e an laogh a rinn iad, agus loisg e anns an teine e, agus mheil e gu smùr e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e air cloinn Israeil òl dheth.

Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg mo thighearna: is aithne dhut an sluagh, gu bheil iad so‑aomaidh a dh’ionnsaigh an uilc.

Agus thubhairt Samuel, Ciod as ciall matà do mhèilich nan caorach seo ann am chluasan, agus do gheumnaich a’ chruidh a tha mi a’ cluinntinn?

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan