Agus ghabh e an laogh a rinn iad, agus loisg e anns an teine e, agus mheil e gu smùr e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e air cloinn Israeil òl dheth.
Agus mar an ceudna Maachah a mhàthair, chuir e eadhon ise o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus sgrios Asa a dealbh uamhasach, agus loisg e e aig sruth Chidroin.
Os bàrr, an altair a bha aig Betel, agus an t‑àit àrd a rinn Ierobòam mac Nebait, a thug air Israel peacachadh, araon an altair agus an t‑àit àrd; agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus loisg e an doire.
Agus thug e an doire o thaigh an Tighearna, an taobh a‑muigh de Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighean clann an t‑sluaigh.
Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh.
Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.
Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.
Agus ghabh mi ur peacadh, an laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, eadhon gus an do rinneadh mìn e mar dhuslach; agus thilg mi a dhuslach anns an t‑sruth a thàinig a‑nuas on t‑sliabh.