Agus nuair a sguir na càmhail a dh’òl, an sin ghabh an duine cluas-fhàinne òir, anns an robh leth seceil de chudthrom, agus dà làmh-fhail airson a làmh, anns an robh deich seceil òir de chudthrom.
Agus dh’fhiosraich mi dhith, agus thubhairt mi, Cò don nighean thusa? Agus thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, mac Nahoir, a rug Milcah dha. Agus chuir mi a’ chluas-fhàinne air a h‑aghaidh, agus na làmh-fhailean air a làmhan.
Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosan-muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna.
Ghabh thu fòs do sheudan rìomhach dem òr‑sa, agus dem airgead a thug mi dhut; agus rinn thu dhut fhèin dealbhan dhaoine, agus chuir thu strìopachas an gnìomh leo.
Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal.