Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.
Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?
Agus thubhairt e, Chan e guth dhaoine a’ dèanamh gàir airson na buadha, cha mhò is e guth dhaoine ag èigheach a chionn gun tugadh buaidh orra, ach toirm luchd-gabhail ciùil a tha mi a’ cluinntinn.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.
Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna:
Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.
Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.
Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.
Agus na bithibh-se nur luchd-iodhal-adhraidh, mar a bha cuid dhiubhsan; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Shuidh am poball sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad a chluiche.