Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Chan e guth dhaoine a’ dèanamh gàir airson na buadha, cha mhò is e guth dhaoine ag èigheach a chionn gun tugadh buaidh orra, ach toirm luchd-gabhail ciùil a tha mi a’ cluinntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chuala Iosua toirm an t‑sluaigh nuair a rinn iad iolach, agus thubhairt e ri Maois, Tha toirm cogaidh anns a’ champ.

Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan