Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala Iosua toirm an t‑sluaigh nuair a rinn iad iolach, agus thubhairt e ri Maois, Tha toirm cogaidh anns a’ champ.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Non a mhac-san, Iehosua a mhac-san.

Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich.

Buailibh ur basan, uile shlòigh; togaibh iolach do Dhia le guth gàirdeachais.

Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.

Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

Agus b’iad na clàir obair Dhè, agus b’e an sgrìobhadh sgrìobhadh Dhè, geàrrte air na clàir.

Agus thubhairt e, Chan e guth dhaoine a’ dèanamh gàir airson na buadha, cha mhò is e guth dhaoine ag èigheach a chionn gun tugadh buaidh orra, ach toirm luchd-gabhail ciùil a tha mi a’ cluinntinn.

Agus dh’èirich iad suas gu moch air an là màireach, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus thug iad leo tabhartasan-sìthe: agus shuidh an sluagh sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad suas gu sùgradh.

Thug Tighearna nan sluagh mionnan air fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn lìonaidh mi thu le daoine mar gum b’ann le lòcaist, agus togaidh iad suas iolach ann ad aghaidh.

Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt-ghaoith ann an là na doininn.

Ach cuiridh mi teine air Mòab, agus loisgidh e lùchairtean Chìrioit, agus bàsaichidh Mòab le co‑ghaoir, le iolaich, le fuaim na trompaid.

Agus dh’àithn Iosua don t‑sluagh, ag ràdh, Cha dèan sibh iolach, agus cha dèan sibh fuaim sam bith le ur guth, cha mhò a thèid facal sam bith a‑mach as ur beul, gus an là anns an abair mise ribh, Dèanaibh iolach; an sin nì sibh iolach.

Agus air an t‑seachdamh uair shèid na sagartan leis na trompaidean, agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Dèanaibh iolach; oir thug an Tighearna dhuibh am baile.

Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.

Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.

Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan.

Agus dh’èirich Daibhidh gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear-gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e don chlais-bhlàir nuair a bha an armailt a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a‑chum a’ chatha:

Agus dh’èirich fir Israeil agus Iùdah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an tig thu gu gleann agus gu geatachan Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònte de na Philistich air an t‑slighe gu Sàraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan