Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad na clàir obair Dhè, agus b’e an sgrìobhadh sgrìobhadh Dhè, geàrrte air na clàir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Le peann iarainn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh!

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t‑sliabh, agus dà chlàr na Fianais na làimh; bha na clàir sgrìobhte air an dà thaobh; air an taobh seo, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhte.

Agus chuala Iosua toirm an t‑sluaigh nuair a rinn iad iolach, agus thubhairt e ri Maois, Tha toirm cogaidh anns a’ champ.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.

Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhail ris na ciad chlàir; agus dh’èirich Maois suas gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinài, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis na làimh an dà chlàr chloiche.

Air dha a bhith follaiseach gur sibh litir Chrìosd, a fhrithealadh leinne, a tha air a sgrìobhadh chan ann le dubh, ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàir cloiche, ach air clàir feòil a’ chridhe.

Ach ma bha ministrealachd a’ bhàis ann an sgrìobhadh air a ghearradh air clachan, glòrmhor, ionnas nach b’urrainn clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, airson glòir a ghnùise, a chuireadh air cùl;

Anns an àm sin thubhairt an Tighearna rium, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus dèan dhut àirc fhiodha.

Mar sin thill mi, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus bha an sliabh a’ losgadh le teine; agus bha dà chlàr a’ choicheangail am dhà làimh.

Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan