Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.

Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Uime sin thubhairt e gum milleadh e iad, mura bitheadh gun do sheas a òglach taghte Maois fa chomhair anns a’ bheàrn, gus a chorraich a thionndadh uapa, a‑chum nach sgriosadh e iad.

Agus chuimhnich e dhaibh a choicheangal, agus ghabh e aithreachas a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

Ma thilleas an cinneach sin, an aghaidh an do labhair mi, on olc, gabhaidh mise aithreachas den olc a bha ann am aire a thoirt orra.

Uime sin a‑nis leasaichibh ur slighe agus ur dèanadas, agus thugaibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia; agus gabhaidh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nur n‑aghaidh.

An tug Heseciah rìgh Iùdah agus Iùdah uile thairis gu bàs e? Nach robh eagal an Tighearna air, agus nach d’iarr e an Tighearna, agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nan aghaidh? Ach sinne, tha sinn a’ dèanamh aimhleis mhòir an aghaidh ar n‑anama fhèin.

Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo fòs, deir an Tighearna Iehòbhah.

Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e.

Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.

Agus thubhairt an Tighearna, Mhaith mi, a rèir d’fhacail:

Agus dh’fhan mi anns an t‑sliabh, a rèir na ciad ùine, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, agus dh’èisd an Tighearna rium mar an ceudna anns an àm sin, agus cha bu toil leis an Tighearna thusa a sgrios.

Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu cùiltean, bheir mi air an cuimhne sgur o mheasg dhaoine:

Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.

Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad.

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan