Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson a labhradh na h‑Eiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e a‑mach iad, a‑chum am marbhadh anns na beanntan, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Till od chorraich ghairg, agus gabh aithreachas den olc seo an aghaidh do shluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.

Oir is iad do shluagh-sa agus d’oighreachd iad, a thug thu a‑mach as an Eiphit, à meadhon na h‑àmhainn iarainn:

Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.

Agus chuimhnich e dhaibh a choicheangal, agus ghabh e aithreachas a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

Cuimhnich seo; thug an t‑eascaraid beum, a Thighearna, agus rinn sluagh amaideach tarcais air d’ainm.

Gidheadh, gu h‑iochdmhor mhaith esan an lochd, agus cha do sgrios e iad; seadh, iomadh uair thionndaidh e a fhearg uaithe, agus cha do dhùisg e a chorraich uile.

Chaisg thu do chorraich uile; thionndaidh thu o fhraoch d’fheirge.

Till, a Thighearna-cia fhad? – agus gabh aithreachas a‑thaobh do sheirbhiseach.

Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh.

A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

Agus chan eil aon neach ann a tha a’ gairm air d’ainm, a tha ga dhùsgadh fhèin suas a dhèanamh greim ort; oir dh’fhalaich thu do ghnùis uainn, agus chlaoidh thu sinn airson ar n‑euceartan.

Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear-deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, tilgidh mise thu bhàrr aghaidh na talmhainn; air a’ bhliadhna seo gheibh thu bàs, a chionn gun do labhair thu ceannairc an aghaidh an Tighearna.

Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh am measg nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad.

Gidheadh, thill mi air a h‑ais mo làmh, agus rinn mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh ann am fianais nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad.

Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia?

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo fòs, deir an Tighearna Iehòbhah.

Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian-chorraich, air chor is nach bàsaich sinn?

Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Mar a chuir mi romham olc a dhèanamh oirbh, nuair a bhrosnaich ur n‑athraichean mi gu feirg, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus nach do ghabh mi aithreachas;

Maith, guidheam ort, aingidheachd an t‑sluaigh seo, a rèir meud do thròcair, agus a rèir mar a thug thu maitheanas don t‑sluagh seo on Eiphit gus a‑nis.

Sgaraibh sibh fhèin o mheasg a’ cho-chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla.

Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean;

Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.

Air eagal gun abair am fearann as an tug thu a‑mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an toirt a‑steach don fhearann a gheall e dhaibh agus a chionn gu robh fuath aige dhaibh, thug e a‑mach iad gu am marbhadh anns an fhàsach.

Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh.

Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr?

Oir cha trèig an Tighearna a shluagh, air sgàth a mhòr-ainme fhèin; do bhrìgh gum bu toil leis an Tighearna ur dèanamh nur sluagh dha fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan