Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre:

Oir is iad do shluagh-sa agus d’oighreachd iad, a thug thu a‑mach as an Eiphit, à meadhon na h‑àmhainn iarainn:

A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin.

Uime sin thubhairt e gum milleadh e iad, mura bitheadh gun do sheas a òglach taghte Maois fa chomhair anns a’ bheàrn, gus a chorraich a thionndadh uapa, a‑chum nach sgriosadh e iad.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, iad fhèin.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.

Feuch, O Thighearna, agus thoir fa‑near cò ris a bhuin thu mar seo: an ith na mnathan toradh na bronn, naoidheanan maotha? Am marbhar an sagart agus am fàidh ann an ionad naomh an Tighearna?

Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.

Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia?

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Carson a bhuin thu gu h‑olc rid sheirbhiseach? Agus carson nach d’fhuair mi deagh-ghean ad shealladh, gun do leag thu èire an t‑sluaigh seo uile orm?

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, An sin cluinnidh na h‑Eiphitich e (oir thug thusa a‑nìos an sluagh seo led chumhachd o bhith nam measg).

Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?

Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh.

Carson a chaillear ainm ar n‑athar o mheasg a theaghlaich, a chionn nach eil mac aige? Thugaibh dhuinne uime sin sealbh am measg bràithrean ar n‑athar.

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan