Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 31:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus nì thu uchd-èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e.

Agus lìon mi e le spiorad Dhè, ann an gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach uile ghnè obrach,

Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a dh’obrachadh anns gach uile ghnè obrach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan