Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 31:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lìon mi e le spiorad Dhè, ann an gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach uile ghnè obrach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?

Agus chuir rìgh Solamh fios, agus thug e Hiram o Thìrus.

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.

Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

A dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,

Agus lìon e e le spiorad Dhè, ann an gliocas, ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach gnè obrach;

Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta.

Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse.

Oir bidh a Dhia ag ionnsachadh eòlais dha, agus ga theagasg.

Agus na spiorad breitheanais dhàsan a shuidheas ann am breitheanas; agus na neart dhaibhsan a thilleas air ais an cath a‑chum a’ gheata.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan