Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 31:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, ghairm mi air a ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

Mar an ceudna, bha an altair umha, a rinn Besalil mac Uri mhic Huir, an sin fa chomhair pàillean an Tighearna; agus dh’iarr Solamh agus an coitheanal i.

Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois ris, agus chog e ri Amalec. Agus chaidh Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach an t‑slèibh.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh-ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm.

Agus thubhart Maois ri cloinn Israeil, Faicibh, ghairm an Tighearna air ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah:

Agus dh’obraich Besalil agus Aholiab, agus gach duine glic-chridheach don tug an Tighearna gliocas agus tùr a thuigsinn cionnas a dhèanadh iad gach gnè obrach airson seirbhis an ionaid naoimh, a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna.

Agus rinn Besalil an àirc de fhiodh sitim; dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h‑àirde:

Agus rinn Besalil mac Uri, mhic Shur, de threubh Iùdah, gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois;

Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, de threubh Dhain, gearradair, agus obraiche ealanta, agus fear obrach-grèise ann an gorm, agus ann an corcar, agus ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn.

Fhreagair Eòin agus thubhairt e, Chan eil duine comasach air nì sam bith a ghabhail, mura bi e air a thoirt dha o nèamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan