Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 31:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.

Agus thubhairt e riu, Seo an nì a labhair an Tighearna, Bidh fois na sàbaid naoimh don Tighearna a‑màireach: a mheud is a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an‑diugh, agus a mheud is a tha sibh gu bhruithe, bruithibh; agus gach nì a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fhèin gu madainn.

Sia làithean cruinnichidh sibh e, ach air an t‑seachdamh là bidh an t‑sàbaid; cha bhi e ann air an là sin.

Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.

Coimheadaidh sibh uime sin an t‑sàbaid; oir tha i naomh dhuibh. Esan a thruailleas i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a nì obair oirre, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh.

Uime sin coimheadaidh clann Israeil an t‑sàbaid, a ghleidheadh na sàbaid air feadh an ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh.

Eadar mise agus clann Israeil is comharradh i a‑chaoidh; oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, agus air an t‑seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois.

Sia làithean nì thu obair, ach air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois: ann an àm an treabhaidh agus anns an fhoghar gabhaidh tu fois.

Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.

Chan fhadaidh sibh teine sam bith air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh air là na sàbaid.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh geata na cùirte a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, druidte rè nan sia làithean obrach: ach air an t‑sàbaid bidh e fosgailte, agus air là na rè nuaidh bidh e fosgailte.

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg;

Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.

Bidh e dhuibh na shàbaid foise, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman air an naoidheamh là den mhìos air feasgar: o fheasgar gu feasgar cumaidh sibh ur sàbaid.

Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.

Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne.

Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut.

Uime sin dh’fhàgadh fois fa chomhair sluagh Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan