Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 31:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Coimheadaidh sibh uime sin an t‑sàbaid; oir tha i naomh dhuibh. Esan a thruailleas i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a nì obair oirre, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach:

Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.

Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.

Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e.

Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

A chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus nach do ghluais iad ann am reachdan, ach gun do thruaill iad mo shàbaidean: oir chaidh an cridhe an dèidh an iodhalan.

Gidheadh, rinn an clann ar‑a‑mach ann am aghaidh: cha do ghluais iad ann am reachdan, cha mhò a choimhead iad mo bhreitheanais gu an dèanamh, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; thruaill iad mo shàbaidean; an sin thubhairt mi gun dòirtinn a‑mach mo chorraich orra, a‑chum gun coileanainn m’fhearg nan aghaidh anns an fhàsach.

A chionn nach do chuir iad an gnìomh mo bhreitheanais, ach gun do rinn iad tàir air mo reachdan, agus gun do thruaill iad mo shàbaidean, agus gu robh an sùilean an dèidh iodhalan an athraichean.

Agus ann an còmhstri seasaidh iad ann am breitheanas; bheir iad breith air a rèir mo reachdan-sa; agus coimheadaidh iad mo lagh agus mo reachdan, ann am uile choitheanail, agus naomhaichidh iad mo shàbaidean.

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg;

Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall-ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan