Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 31:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Anns na làithean sin chunnaic mi ann an Iùdah daoine a’ saltairt fhìon-amar air an t‑sàbaid, agus a’ toirt a‑steach sguab, agus a’ cur luchd air asalan; agus mar an ceudna fìon, fìondhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a‑steach do Ierusalem air là na sàbaid: agus thug mi fianais nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh.

Nach do rinn ur n‑athraichean mar seo, agus nach tug ar Dia an t‑olc seo uile oirnne, agus air a’ bhaile seo? Agus tha sibhse a’ toirt tuilleadh feirge air Israel leis an t‑sàbaid a bhriseadh.

Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.

Agus an ola-ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad.

Labhair thusa mar an ceudna ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn coimheadaidh sibh mo shàbaidean: oir is comharradh sin eadar mise agus sibhse, air feadh ur ginealaichean; a‑chum is gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna a naomhaicheas sibh.

Uime sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris an tì a shlànaicheadh, Is i an t‑sàbaid a tha ann; chan eil e dligheach dhut do leabaidh a ghiùlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan