Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an rìgh, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhutsa, Udsiah, tùis a losgadh don Tighearna, ach do na sagartan, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a‑mach as an ionad naomh, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhut a‑chum urraim on Tighearna Dia.