Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth.

Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah,

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.

Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an rìgh, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhutsa, Udsiah, tùis a losgadh don Tighearna, ach do na sagartan, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a‑mach as an ionad naomh, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhut a‑chum urraim on Tighearna Dia.

Mar an ceudna dhruid iad dorsan an sgàth-thaighe, agus chuir iad as na lòchrain, agus cha do loisg iad tùis, agus cha tug iad ìobairtean-loisgte suas anns an ionad naomh, do Dhia Israeil.

Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.

Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.

Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean.

Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt-easaontais.

Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois.

Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.

Ach buanaichidh sinne a‑ghnàth ann an ùrnaigh, agus ann am ministrealachd an fhacail.

Teagaisgidh iad do bhreitheanais do Iàcob, agus do lagh do Israel: cuiridh iad tùis fad chomhair, agus làn ìobairt-loisgte air d’altair.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?

Agus mun deachaidh lòchran Dhè as, nuair a bha Samuel na laighe ann an teampall an Tighearna, far an robh àirc Dhè;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan