Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thug Sadoc an sagart còrn ola as a’ phàillean, agus dh’ung e Solamh; agus shèid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Guma fada beò rìgh Solamh.

Agus bha cuid de mhic nan sagart a’ dèanamh na h‑ola-ungaidh de na spìosraidh.

Mar dheagh ola-ungaidh air a’ cheann, a’ ruith sìos air an fheusaig, feusag Aaroin, a’ ruith sìos air iomall a thrusgain;

Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus nì thu dheth ola-ungaidh naomh, ola-ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola-ungaidh naoimh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.

Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.

Nì ola-ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin nì mìlsead caraid duine le comhairle a chridhe.

Airson fàile cùbhraidh is math d’ola-ungaidh-sa: is ola-ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.

Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach mar stuaghan deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn-dhus ceannaiche nan spìosraidh?

Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh-bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn-bhrat e.

Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu leat, nì thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coicheangal do Dhè a bhith a dh’easbhaidh air do thabhartas-bìdh: led thabhartasan uile bheir thu seachad salann.

An sin ghabh Muire punnd de ola spicnaird ro‑luachmhoir, agus dh’ung i casan Iosa, agus thiormaich i a chasan le a falt: agus lìonadh an taigh le fàile cùbhraidh na h‑ola.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan