Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e dha seòmar mòr far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais-bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deicheamh an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola (a dh’òrdaicheadh do na Lèbhithich, agus don luchd-seinn, agus do na dorsairean), agus tabhartasan nan sagartan.

Ola a‑chum solais, spìosraidh a‑chum ola-ungaidh, agus a‑chum tùise deagh-bholaidh,

Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.

Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.

Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh.

Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre.

Agus an ola-ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad.

Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein;

Agus rinn e an ola-ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.

Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach mar stuaghan deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn-dhus ceannaiche nan spìosraidh?

Cha tug thu am ionnsaigh meanbh-chrodh do thabhartas-loisgte; cha mhò a thug thu urram dhomh led ìobairtean; cha do shàraich mi thu le tabhartas, cha mhò a sgìthich mi thu le tùis.

Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh-bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn-bhrat e.

Agus nuair a bheir neach air bith tabhartas-bìdh don Tighearna, bidh a thabhartas de fhlùr mìn: agus dòirtidh e ola air, agus cuiridh e tùis air:

Agus cuiridh tu ola air, agus leagaidh tu tùis air: is tabhartas-bìdh e.

Agus cuiridh tu tùis fhìorghlan air gach sreath, a‑chum is gum bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas-peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas-peacaidh e.

Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh làitheil, agus an ola-ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean.

Aon spàin de dheich seceil òir, làn de thùis:

Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan