Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus an leanabh mic neo-thimcheall-gheàrrte, aig nach timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal.

Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.

Rè seachd làithean chan fhaighear taois ghoirt nur taighean: oir ge bè neach a dh’itheas aran gortaichte, gearrar an t‑anam sin fhèin as o choitheanal Israeil, co‑dhiù as coigreach e, no neach a rugadh anns an tìr.

Agus ithidh iad na nithean sin leis an do rinneadh an rèite, a‑chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach chan ith coigreach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad naomh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas.

Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e.

Coimheadaidh sibh uime sin an t‑sàbaid; oir tha i naomh dhuibh. Esan a thruailleas i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a nì obair oirre, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh.

Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil; tha i airson beatha dhi: uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith sibh fuil feòla sam bith; oir is i beatha gach feòla a fuil: gach neach a dh’itheas i gearrar as e.

Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, gu tabhartas a thoirt seachad don Tighearna air beulaibh pàillean an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh:

Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, a‑chum a ìobradh don Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh.

Oir ge bè neach a nì aon air bith de na gràinealachdan ud, eadhon na h‑anaman a nì iad, gearrar as iad o mheasg an sluaigh.

Uime sin gach neach a dh’itheas e, giùlainidh e a aingidheachd, a chionn gun do mhì-naomhaich e nì coisrigte an Tighearna: agus gearrar an t‑anam sin as o a shluagh.

Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean a athar, no nighean a mhàthar, agus gum faic e a nochd, agus gum faic ise a nochd-san, is nì maslach e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh: leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e a aingidheachd.

Agus ma laigheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gun leig e ris a nochd, leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fala; agus gearrar as le chèile iad o mheasg an sluaigh.

Agus cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh; a chionn gun tug e de a shliochd do Mholech, a shalachadh m’ionaid naoimh-sa, agus a thruailleadh m’ainm naoimh.

Abair riu, Ge bè air bith e de ur sliochd uile am measg ur ginealaichean, a thèid a dh’ionnsaigh nan nithean naomha, a naomhaicheas clann Israeil don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar as an t‑anam sin as mo làthair: Is mise an Tighearna.

Oir ge bè anam nach bi fo chràdh anns an là sin fhèin, gearrar as e o mheasg a shluaigh.

Ach an t‑anam a nì a’ bheag gu h‑an‑dàna (co‑dhiù a rugadh e anns an tìr, no is coigreach e) tha esan a’ toirt eas-urraim don Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh.

Do bhrìgh gun do rinn e tàir air facal an Tighearna, agus gun do bhris e a àithne, gearrar an t‑anam sin as gu tur: bidh a aingidheachd air fhèin.

Ge bè neach a bheanas ri corp duine sam bith a tha marbh, agus nach glan e fhèin, tha e a’ truailleadh pàillean an Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o Israel: a chionn nach do chrathadh an t‑uisge-dealachaidh air, bidh e neòghlan; tha a neòghlaine fhathast air.

Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge-dealachaidh air; tha e neòghlan.

Na gearraibh as treubh teaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lèbhitheach.

Ach an duine a tha glan, agus nach eil air thuras, agus a dhearmadas a’ chàisg a chumail; gearrar eadhon an t‑anam sin fhèin as o a shluagh, a chionn nach tug e seachad tabhartas an Tighearna na àm suidhichte: giùlainidh an duine sin a pheacadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan