Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola-ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e,

Agus gabhaidh tu den fhuil a tha air an altair, agus den ola-ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air a èideadh, agus air a mhic, agus air èideadh a mhac maille ris: agus coisrigear e fhèin, agus a èideadh, agus a mhic, agus èideadh a mhac maille ris.

Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Air feòil duine cha dòirtear i, cha mhò a nì sibh a leithid, a rèir a measgaidh: tha i naomh, agus naomh bidh i dhuibh.

Agus rinn e an ola-ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.

Agus esan a tha na àrd-shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach,

Agus dhòirt e den ola-ungaidh air ceann Aaroin, agus dh’ung e e, a‑chum a naomhachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan