Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.
An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.
Agus ghabh Maois cuid den ola-ungaidh, agus den fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i; air a aodach, agus air a mhic, agus air aodach a mhac maille ris: agus naomhaich e Aaron, agus a aodach, agus a mhic, agus aodach a mhac maille ris.