Agus ann an taobh-beòil a’ ghuth-àit bha fichead làmh-choille air fad, agus fichead làmh-choille air leud, agus fichead làmh-choille air àirde; agus chòmhdaich e e le òr fìorghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar.
Agus chòmhdaich e an taigh uile le òr, gus an do chrìochnaicheadh an taigh uile: mar an ceudna an altair uile, a bha làimh ris a’ ghuth-àit, chòmhdaich e le òr.
Agus dà fhailbheig òir nì thu dhi fo a coron: aig a dà oisinn nì thu iad, air a dà thaobh: agus bidh iad airson àiteachan do na bataichean a‑chum a giùlan leo.
Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.