Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus naomhaichidh tu iad, a‑chum is gum bi iad ro‑naomh: ge bè nì a bheanas riu, bidh e naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e.

Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas.

Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh.

Ithidh gach fireannach am measg chloinn Aaroin dheth: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean a‑thaobh tabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: bidh gach neach a bheanas riu naomh.

Agus ghabh Maois an ola-ungaidh, agus dh’ung e am pàillean, agus gach nì a bha ann, agus naomhaich e iad.

Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e an altair, agus a soithichean uile, araon an soitheach-ionnlaid agus a chas, a‑chum an naomhachadh.

Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;

Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an t‑òr, no an teampall a tha a’ naomhachadh an òir?

Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan