Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thug Sadoc an sagart còrn ola as a’ phàillean, agus dh’ung e Solamh; agus shèid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Guma fada beò rìgh Solamh.

Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh.

Agus bha cuid de mhic nan sagart a’ dèanamh na h‑ola-ungaidh de na spìosraidh.

De mhirr agus de alos agus de chasia, thèid fàile od thrusgan uile a‑mach à lùchairtean de fhiaclan elephant, leis an do chuireadh aoibhneas ort.

Ola a‑chum solais, spìosraidh a‑chum ola-ungaidh, agus a‑chum tùise deagh-bholaidh,

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus de chasia còig ceud secel, a rèir secel an ionaid naoimh, agus hin de ola a’ chroinn-ola.

Agus an ola-ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad.

Agus spìosraidh, agus ola airson an t‑solais, agus airson na h‑ola ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

Agus rinn e an ola-ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.

Rinn mi mo leabaidh cùbhraidh le mirr, alo, agus canal.

Is ceanglachan mirr mo ghràdh dhòmhsa; eadar mo chìochan laighidh e rè na h‑oidhche.

Airson fàile cùbhraidh is math d’ola-ungaidh-sa: is ola-ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.

Spiocnard agus cròch; cuilc mhilis agus canal, leis na h‑uile chraobhan tùise; mirr agus alo, maille ris na spìosraidh as taghte;

Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan.

Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.

Rinn Dan fòs, agus Iabhan, a’ dol air an ais agus air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean: bha iarann obraichte, casia agus calamas ann ad mhargadh.

Ceannaichean Shèba agus Raamah, b’iadsan do cheannaichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le taghadh nan uile spìosraidh, agus leis na h‑uile chlachan luachmhor, agus le òr.

Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh làitheil, agus an ola-ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean.

An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan