Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean.

Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.

Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein;

Agus rinn e an ola-ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.

Agus an altair òir, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus am brat airson doras a’ phàillein;

Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh làitheil, agus an ola-ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan