Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith-bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.

Nuair a thèid iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail ionnlaididh iad iad fhèin le uisge, a‑chum is nach faigh iad bàs; no nuair a thig iad am fagas don altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan