Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-cheàrnach bidh i), agus dà làmh-choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna.
Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha.
Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach.
Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i:
Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean: agus nì thu dhi coron òir mun cuairt.
Agus shèid an siathamh aingeal a thrompaid, agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altair òir, a tha am fianais Dhè,