Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan-coille o bhile gu bile; cruinn mun cuairt, agus còig làmhan-coille a h‑àirde: agus chuartaich snàthainn dheich làmhan-coille ar fhichead i air gach taobh.

Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid umha: chumadh gach soitheach-ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan-coille anns gach soitheach-ionnlaid: chuireadh aon soitheach-ionnlaid air gach aon de na deich buinn.

Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan-coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan-coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan-coille ar fhichead i mun cuairt.

Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid, agus chuir e còig dhiubh air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, a dh’ionnlad annta: nithean na h‑ìobairt-loisgte nigh iad annta; ach bha a’ mhuir airson nan sagart, a dh’ionnlad innte.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus altair na h‑ìobairt-loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas,

Agus rinn e an soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, de sgàthanan nam ban, a chruinnich nam buidhnean aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus suidhichidh tu an soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.

Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e an altair, agus a soithichean uile, araon an soitheach-ionnlaid agus a chas, a‑chum an naomhachadh.

Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.

Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan