Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan-coille o bhile gu bile; cruinn mun cuairt, agus còig làmhan-coille a h‑àirde: agus chuartaich snàthainn dheich làmhan-coille ar fhichead i air gach taobh.
Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid umha: chumadh gach soitheach-ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan-coille anns gach soitheach-ionnlaid: chuireadh aon soitheach-ionnlaid air gach aon de na deich buinn.
Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid, agus chuir e còig dhiubh air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, a dh’ionnlad annta: nithean na h‑ìobairt-loisgte nigh iad annta; ach bha a’ mhuir airson nan sagart, a dh’ionnlad innte.
Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.
Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.
Agus rinn e altair na h‑ìobairt-loisgte de fhiodh sitim: còig làmhan-coille a fad, agus còig làmhan-coille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus trì làmhan-coille a h‑àirde.