Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm an rìgh Iehoiada an t‑àrd-shagart, agus thubhairt e ris, Carson nach d’iarr thu air na Lèbhithich cìs Mhaois, òglach an Tighearna, a thoirt a‑steach o Iùdah, agus o Ierusalem, agus o choitheanal Israeil, airson pàillean na fianais?

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois.

Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr o na ceannardan air mhìltean agus air cheudan, agus thug iad e gu pàillean a’ choitheanail, mar chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna.

Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan