Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 30:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a nì mi air ur son? Agus cia leis a nì mi an rèite, a‑chum gum beannaich sibh oighreachd an Tighearna?

Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.

Bheir gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, tabhartas don Tighearna.

Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman.

Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.

Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir.

Bheir uile shluagh an fhearainn an tabhartas seo airson an uachdarain ann an Israel.

Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama.

Uime sin, thug sinn tabhartas a‑chum an Tighearna, gach fear na fhuair e de sheudan òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean, fàinnean, cluas-fhailean, agus criosan, a dhèanamh rèite airson ar n‑anaman an làthair an Tighearna.

Agus a mhaighistirean, dèanaibh-se na nithean ceudna dhaibhsan, a’ leigeadh dhibh bagraidh: air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil ur maighistir fhèin air nèamh mar an ceudna, agus nach eil gnùis-bhreith maille ris.

Ach an tì a nì eucoir, gheibh e toillteanas na h‑eucoir a rinn e: agus chan eil leth-bhreith ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan