Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna.
Agus thubhairt Iehoas ris na sagartan, Uile airgead nan nithean coisrigte a bheirear a‑steach do thaigh an Tighearna, airgead gach duine a thèid seachad anns an àireamh, airgead-meas gach duine, an t‑airgead uile a thig e ann an cridhe duine sam bith a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna,
B’e an t‑òr uile a chuireadh am feum anns an obair, ann an uile obair an ionaid naoimh, eadhon òr an tabhartais; naoi tàlannan fichead, agus seachd ceud agus deich secel ar fhichead, a rèir secel an ionaid naoimh.
Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.
Agus bidh do mheas, air an fhireannach o fhichead bliadhna a dh’aois eadhon gu trì-fichead bliadhna a dh’aois; bidh eadhon do mheas leth-cheud secel airgid, a rèir secel an ionaid naoimh.
Ma nì anam coire, agus gum peacaich e trìd aineolais ann an nithean naomha an Tighearna, an sin bheir e airson a choire, a dh’ionnsaigh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudan, a rèir do mheas an secelean airgid, a rèir secel an ionaid naoimh, a-chum ìobairt-easaontais.
Agus iadsan a dh’fhuasglar, o mhìos a dh’aois fuasglaidh tu iad, a rèir do mheas, airson airgead chòig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: is e an secel fichead gerah.
B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
Bha dà‑spàin-dheug òir ann, làn de thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel.
Agus chaidh Iosa a‑steach do theampall Dhè, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall, agus thilg e bùird luchd-malairt an airgid thairis, agus cathraichean luchd-reic nan calaman,
Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.