Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.
Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.
Agus b’e airgead na muinntir a dh’àirmheadh den choitheanal, ceud tàlann, agus mìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, a rèir secel an ionaid naoimh.
Gabhaibh àireamh co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, trìd thaighean an athraichean, iadsan uile as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel.