Ecsodus 30:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna. Faic an caibideil |
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.