Ecsodus 3:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach. Faic an caibideil |
Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.
Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;
Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.