Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.

Thèid mi sìos a‑nis, agus chì mi ma rinn iad gu lèir a rèir a’ ghlaoidh, a thàinig am ionnsaigh; agus mura do rinn, bidh fhios agam.

Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e.

Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.

Agus thubhairt esan, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic na reitheachan uile, a tha a’ reithe na sprèidhe, gu bheil iad stiallach, breac, agus grìs-fhionn: oir chunnaic mise gach nì a rinn Làban ort.

Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir.

Agus an sluagh a tha fo àmhghar saoraidh tu: ach tha do shùilean an aghaidh nan uaibhreach; bheir thu a‑nuas iad.

Agus ghuidh Iehoahas air an Tighearna, agus dh’èisd an Tighearna ris; oir chunnaic e fòirneart Israeil, oir rinn rìgh Shiria fòirneart orra.

Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.

Agus chunnaic thu àmhghar ar n‑athraichean anns an Eiphit, agus chuala tu an glaodh aig a’ mhuir ruaidh:

Gidheadh thug e an àmhghar fa‑near, nuair a chuala e an glaodh;

Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean.

Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam, b’aithne dhutsa mo cheum; anns an t‑slighe air an d’imich mi, dh’fhalaich iad ribe dhomh.

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.

Oir cha do rinn e tàir air, agus cha do ghabh e gràin de àmhghar an truaghain, agus cha d’fhalaich e a ghnùis air; ach nuair a ghlaodh e ris, dh’èisd e.

Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.

Ghlaodh an duine bochd seo, agus dh’èisd an Tighearna ris, agus as a theanntachdan gu lèir shaor e e.

Chunnaic thusa seo, a Thighearna; na bi ad thosd, a Thighearna, na bi fada uam.

A‑chum gum foillsich mi do chliù uile ann an geatachan nighean Shioin: nì mi gàirdeachas ann ad shlàinte.

Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Eiphit, do nach b’aithne Iòseph.

Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh;

A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

Agus chaidh maighistirean-obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach.

Agus dh’àithn Phàraoh air an là sin fhèin do mhaighistirean-obrach an t‑sluaigh, agus dan luchd-riaghlaidh, ag ràdh,

Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.

Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.

Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Eiphit thu.

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.

Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan