Agus suidhichidh tu crìochan don t‑sluagh mun cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh fhèin, nach tèid sibh suas don t‑sliabh, agus nach bean sibh ra iomall: gach neach a bheanas ris an t‑sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.
Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.
Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna.
An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.
Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat.
(Oir cha b’urrainn iad an nì sin a chaidh àithneadh dhaibh iomchar, Agus ma bheanas fiù ainmhidh ris an t‑sliabh, clachar e, no cuirear sleagh a‑mach troimhe.
Agus thubhairt ceannard sluagh an Tighearna ri Iosua, Fuasgail do bhròg bhàrr do choise, oir tha an t‑ionad air a bheil thu ad sheasamh, naomh. Agus rinn Iosua mar sin.