Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.

Agus dhùisg Iàcob as a chadal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fhios agam air.

Agus labhair Dia ri Israel ann an taisbeanan na h‑oidhche, agus thubhairt e, A Iàcoib, a Iàcoib. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.

Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:

Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.

A‑chum is gun creid iad gun d’fhoillsich an Tighearna, Dia an athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, e fhèin dhut.

Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.

Agus thàinig guth da ionnsaigh, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith.

Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Agus a‑thaobh nithean luachmhor na talmhainn, agus a làin, agus deagh-ghean an Tì sin a bha a chòmhnaidh anns a’ phreas: thigeadh am beannachd air ceann Iòseiph, agus air mullach a chinn-san a sgaradh o a bhràithrean.

Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn.

Gun do ghairm an Tighearna air Samuel; agus fhreagair esan, Tha mi an seo.

Agus ghairm an Tighearna a‑rìs air Samuel. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm, Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; till, laigh sìos.

Agus ghairm an Tighearna fhathast air Samuel an treas uair. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thuig Eli gum b’e an Tighearna a ghairm air an leanabh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan