Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.
Agus nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongantas mun t‑sealladh; agus air dha teachd am fagas gu beachdachadh air, thàinig guth an Tighearna da ionnsaigh.