Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach iarraidh gach bean o a ban-choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Eiphitich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.

Agus thug an seirbhiseach an làthair seudan airgid agus seudan òir, agus aodach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithean luachmhor da bràthair agus da màthair.

Agus thug e a‑mach iad le airgead agus le òr, agus nan treubhan uile cha robh aon neach lag.

Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban-choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir.

Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich.

Is an‑aoibhinn dhutsa, a chreachadair, nach robh air do chreachadh thu fhèin; agus fhir na foill, ris nach do bhuin iad gu fealltach: nuair a sguireas tu de chreachadh, creachar thu; agus nuair a bheir thu thairis a bhith ri foill, buinidh iad gu fealltach riut.

Air chor is nach toir iad connadh air bith as a’ mhachair, cha mhò a ghearras iad a’ bheag de na coilltean: oir loisgidh iad na h‑airm anns an teine, agus creachaidh iad an dream len do chreachadh iad, agus spùinidh iad an dream len do spùineadh iad, deir an Tighearna Iehòbhah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan