Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir mise don t‑sluagh seo deagh-ghean ann an sealladh nan Eiphiteach: agus tàrlaidh, nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Agus maith dod shluagh a pheacaich ad aghaidh, agus an easaontais uile a rinn iad ad aghaidh, agus faigh truas dhaibh an làthair na muinntir a thug leo nam braighdean iad, a‑chum gun gabh iad truas riu:

A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.

Agus thug e a‑mach iad le airgead agus le òr, agus nan treubhan uile cha robh aon neach lag.

Agus fhuair e truas dhaibh ann an sealladh na muinntir sin a thug leo nam braighdean iad.

Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban-choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir.

Agus thug an Tighearna deagh-ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Eiphiteach. Mar an ceudna, bha an duine Maois ro‑mhòr ann an tìr na h‑Eiphit, ann an sùilean seirbhisich Phàraoh, agus ann an sùilean an t‑sluaigh.

Agus rinn clann Israeil a rèir facal Mhaois: agus dh’iarr iad o na h‑Eiphitich seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach.

Agus thug an Tighearna deagh-ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Eiphiteach, agus thug iad an coingheall dhaibh: agus chreach iad na h‑Eiphitich.

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh-ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Eiphit, agus air a theaghlach fhèin uile.

Agus nuair a chuireas tu e a‑mach saor uat, cha chuir thu air falbh e falamh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan