Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.

Agus nochd thu comharraidhean agus iongantasan air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fhios agad gun do rinn iad gu h‑uaibhreach nan aghaidh: agus fhuair thu dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh.

Nochd iad a chomharraidhean nam measg, agus a bheartan iongantach ann an tìr Cham.

Bha aoibhneas air an Eiphit nuair a chaidh iad a‑mach, oir thuit an eagal-san orra.

Nithean iongantach ann an tìr Cham, nithean uamhasach aig a’ mhuir ruaidh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir mi aon phlàigh fhathast air Phàraoh, agus air an Eiphit; an dèidh sin leigidh e leibh imeachd as a seo: nuair a leigeas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaichidh e a‑mach as a seo sibh gu h‑iomlan.

Agus dh’fhuin iad den taois a thugadh a‑mach as an Eiphit breacagan neo-ghortaichte, oir cha do ghortaicheadh i; do bhrìgh gun d’fhuadaicheadh iad a‑mach as an Eiphit, agus nach b’urrainn iad fuireach, agus mar an ceudna nach do dheasaich iad biadh dhaibh fhèin.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh.

Agus buailidh an Tighearna an Eiphit, a’ bualadh agus a’ leigheas; agus tillidh iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus èisdidh esan rin guidhe, agus lèighsidh e iad.

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu cinnteach le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le corraich air a dòrtadh a‑mach, riaghlaidh mise os ur cionn:

Mar anns na làithean anns an tàinig iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, nochdaidh mise dhaibh nithean mìorbhaileach.

Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna.

No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?

Agus nochd an Tighearna comharraidhean agus iongantasan mòra agus doilgheasach anns an Eiphit, air Phàraoh, agus air a theaghlach uile, fa chomhair ar sùl;

Chuir an Tighearna fàidh a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos sibh on Eiphit, agus thug mi a‑mach sibh à taigh na daorsa;

Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgitheach an fhàsaich agus drisean, agus leò seo reub e fir Shucoit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan