Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, deònaich gun soirbhich leamsa an‑diugh, agus nochd coibhneas dom mhaighistir Abrahàm.

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac:

O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin;

Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh-se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh.

Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn.

Eiridh tusa, nì thu tròcair air Sion, oir tha an t‑àm gu deagh-ghean a nochdadh dhi, seadh, an t‑àm suidhichte air teachd;

Mairidh d’ainm-sa, a Thighearna, gu bràth; do chuimhne, a Thighearna, o linn gu linn.

Seinnibh don Tighearna, sibhse a naoimh-san, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd.

Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.

Athair nan dìlleachdan agus britheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad-còmhnaidh a naomhachd.

Bidh a ainm-san buan gu sìorraidh; co‑mhaireann ris a’ ghrèin bidh a ainm-san; agus annsan beannaichear na slòigh uile, agus beannaichidh iadsan e.

Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor-san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!

Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.

Is fear-cogaidh an Tighearna; is e an Tighearna as ainm dha.

Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu?

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.

A‑chum is gun creid iad gun d’fhoillsich an Tighearna, Dia an athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, e fhèin dhut.

Agus labhair Dia ri Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna.

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.

Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.

A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Mar seo deir an Tighearna a rinn e, an Tighearna a dhealbh e, a tha fòs ga dhaingneachadh; is e a ainm Iehòbhah;

Tha mi a’ toirt buidheachais agus cliù dhut, O thusa, a Dhia m’athraichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios dhuinn a‑nis air an nì a dh’iarr sinn ort: oir thug thu fios dhuinn a‑nis air gnothach an rìgh.

Eadhon Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e Iehòbhah a chuimhneachan.

Uime sin till thusa rid Dhia: coimhead tròcair agus breitheanas; agus feith air do Dhia a‑ghnàth.

Agus mhaslaich mac na ban-Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan);

Oir gluaisidh na h‑uile shlòigh, gach aon ann an ainm a dhè fhèin; ach gluaisidh sinne ann an ainm Iehòbhah ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal.

Oir is mise Iehòbhah, cha chaochail mi: air an adhbhar sin chan eil sibhse, O chlann Iàcoib, air ur sgrios.

Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.

Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.

Ag ràdh, Is mise Dia d’athraichean, Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. An sin chriothnaich Maois, agus cha robh a chridhe aige amharc.

(Gun dèanadh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, sibh mìle uair nas lìonmhoire na tha sibh, agus gum beannaicheadh e sibh, mar a gheall e dhuibh!)

Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de dhaoine a’ ghinealaich uile seo am fearann math sin, a mhionnaich mise gun tugainn dur n‑athraichean;

A‑nis uime sin, èisd, O Israeil, ris na reachdan, agus ris na breitheanais, a tha mise a’ teagasg dhuibh a dhèanamh, a‑chum is gum bi sibh beò, agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh.

Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan