Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu?
Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile-chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh.
Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.
An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo.
Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.
Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;
Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.