Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.

Is fear-cogaidh an Tighearna; is e an Tighearna as ainm dha.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh.

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd.

Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?

Air an adhbhar sin, bidh eòlas aig mo shluagh air m’ainm; air an adhbhar sin bidh fhios aca air an là sin gur mise an tì a tha a’ labhairt; feuch, is mise a tha ann.

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Na làithean-san tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Israel còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo ainm a ghoirear ris, Iehòbhah ar fìreantachd-ne.

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.

Agus thubhairt Manòah ri aingeal an Tighearna, Ciod as ainm dhut; a‑chum, nuair a thig do bhriathran gu crìch, gun toir sinn urram dhut?

Agus thàinig a’ bhean agus dh’innis i da fear, ag ràdh, Thàinig òglach Dhè am ionnsaigh, agus a ghnùis mar ghnùis aingeal Dhè, ro‑uamhasach: ach cha d’fheòraich mi dheth cia as a bha e, agus cha d’innis e dhomh a ainm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan