An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?
Agus a‑nis, a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach na rìgh an àite Dhaibhidh m’athair; agus mise am leanabh beag, do nach aithne dol a‑mach no teachd a‑steach.
Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?
Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:
Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?
Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?
Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? Feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise as lugha ann an taigh m’athar.