Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;

Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.

Chuir e dan ionnsaigh Maois, a òglach fhèin, Aaron a thagh e.

Threòraich thu mar threud do shluagh, le làimh Mhaois agus Aaroin.

A‑nis b’i aimsir cuairt chloinn Israeil, a bha iad a chòmhnaidh anns an Eiphit, ceithir cheud agus deich-bliadhna-fichead.

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.

A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Agus le fàidh thug an Tighearna Israel a‑mach as an Eiphit; agus le fàidh thèarnadh e.

Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.

Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Eiphit thu.

Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna.

Agus labhair Dia air an dòigh seo, gum biodh a shliochd air chuairt ann an dùthaich choigrich, agus gun dèanadh iad tràillean dhiubh, agus gum buineadh iad gu h‑olc riu rè ceithir cheud bliadhna.

Agus air a’ chinneach sin dom bi iadsan fo dhaorsa, bheir mise breith, arsa Dia: agus an dèidh nan nithean sin thig iad a‑mach, agus nì iad seirbhis dhòmhsa anns an àite seo.

Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu?

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Is e an Tighearna a thog suas Maois agus Aaron, agus a thug ur n‑athraichean a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.

Nuair a thàinig Iàcob a‑steach don Eiphit, agus a ghlaodh ur n‑athraichean ris an Tighearna, an sin chuir an Tighearna dan ionnsaigh Maois agus Aaron, a thug ur n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, agus a thug orra còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan