Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing-dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara-cuing-deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air.

Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè.

Rinn iad laogh ann an Hòreb, agus shleuchd iad don dealbh leaghte.

Feuch, seasaidh mise romhad an sin, air a’ charraig ann an Hòreb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisge a‑mach aisde, a‑chum gun òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh seanairean Israeil.

Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.

Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.

Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinài, agus champaich iad anns an fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t‑slèibh.

Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:

A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar.

Agus nuair a thàinig iad gu Reuel an athair, thubhairt e, Cionnas a thàinig sibh cho luath an‑diugh?

Agus bha Maois toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine: agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi.

Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Agus thubhairt e, Na tig am fagas an seo; cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas, oir an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh, is talamh naomh e.

Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh ri sliabh Hòreb.

Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair-cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Eiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.

Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Imich an coinneamh Mhaois don fhàsach. Agus dh’imich e, agus choinnich e e ann an sliabh Dhè, agus phòg e e.

Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith-thalmhainn.

Cuimhnichibh-se lagh Mhaois m’òglach, a dh’àithn mise dha ann an Hòreb, airson Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais.

Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.

Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite-tàimh dhaibh.

Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a’ fantainn a‑muigh, agus a’ dèanamh faire-oidhche air an treud.

Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas.

(Tha astar aon-là‑deug o Hòreb, rathad sliabh Sheirm, gu Cadeis-barnea.)

Labhair an Tighearna ar Dia rinn ann an Hòreb, ag ràdh, Ghabh sibh còmhnaidh fada gu leòr anns an t‑sliabh seo:

Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.

A‑nis sgar Heber an Ceneach, a bha de chloinn Hobaib, athair-cèile Mhaois, e fhèin o na Cenich, agus shuidhich e a bhùth gu ruig còmhnard Shanaim, a tha làimh ri Cedes.

Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan